Scottish Gaelic

1SG. Agus bha an talamh uile de aon teanga, agus na h-aon fhacail aig gach neach.

2SG. Agus nuair a bha iad air an turas on àird an ear, fhuair iad còmhnard ann an talamh Shinair; agus ghabh iad còmhnaidh an sin.

3SG. Agus thubhairt iad gach aon ri chèile, Thigibh, dèanamaid clachan-creadha, agus làn-loisgeamaid iad. Agus bha a' clach-chreadha aca airson cloiche, agus bha làthach aca airson aoil.

4SG. Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn fhèin baile, agus tùr, aig am bi a mhullach a' ruigheachd gu nèamh; agus dèanamaid dhuinn fhèin ainm, air eagal gun sgaoilear o chèile sinn air aghaidh na talmhainn uile.

5SG. Agus thàinig an Tighearna a-nuas a dh'fhaicinn a' bhaile agus an tùir, a thog clann nan daoine.

6SG. Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, is aon sluagh a tha ann, agus aon teanga aca uile; agus thòisich iad air seo a dhèanamh: agus a-nis cha bhacar dhiubh nì air bith a smaoinich iad a dhèanamh.

7SG. Thigibh, rachamaid sìos, agus cuireamaid an cainnt an sin thar a chèile, a-chum is nach tuig iad cainnt a chèile.

8SG. Mar sin sgaoil an Tighearna iad uaithe sin air aghaidh na talmhainn uile: agus sguir iad de thogail a' bhaile.

9SG. Uime sin thugadh Bàbel mar ainm air; do bhrìgh ann an sin gun do chuir an Tighearna thar a chèile cainnt na talmhainn uile: agus uaithe sin sgaoil an Tighearna iad air aghaidh na talmhainn uile.

Typed in by Thomas Leigh - mail - web site


Back to Model Languages' home page

How to subscribe to Model Languages